Seachdain Nàiseanta Luchd-ceannaich Tha Inbhean Malairt aig - TopicsExpress



          

Seachdain Nàiseanta Luchd-ceannaich Tha Inbhean Malairt aig Comhairle nan Eilean Siar a’ toirt comhairle do dhaoine fad mìos na Samhna mu a bhith a’ ceannach chàraichean nach eil ùr. Tha seo mar phàirt de dh’Iomairt fad mìos, a’ tòiseachadh air 4 Samhain, aig toiseach Seachdain Nàiseanta Luchd-ceannaich. Tha an Iomairt a’ brosnachadh dhaoine ‘dearbh e na gabh aithreachas’ le bhith a’ dearbhadh gu bheil a’ chàr sàbhailte, laghail agus mar is coir. Tha bileagan agus cumaidhean cùbhraidh saor an asgaidh aig Inbhean Malairt aig Comhairle nan Eilean Siar rim faighinn aig na 4 prìomh oifisean (fhad ’s a sheasas an stoc). Ceannach car nach eil ùr? Dearbh e na gabh aithreachas! • Coimhead ri teisteanas MOT – a bheil an càr ullaichte airson a bhith air an rathad • Coimhead ri eachdraidh obair gleidhidh – a bheil an càr air a chumail ceart • Coimhead ri pàipear clàraidh V5 – a bheil an càr air a ghoid • Coimhead ri eachdraidh ionmhais – a bheil airgead fhathast ri phàigheadh air iasad • Feuch cuairt leis agus coisich timcheall air – a bheil càil sam bith neo-àbhaisteach mun chàr • Faigh beachd bho innleadair – staid a’ chàr agus cunnartan falaichte sam bith • Coimhead ri comhairle air luach – ag innse prìs reusanta airson a’ chàr a cheannach • Dearbh nach deach a’ chàr ath-ghairm – a’ sealltainn an deach a’ chàr ath-ghairm airson adhbhar sàbhailteach sam bith Tha na rudan sin furasta gu leòr dha daoine a dhèanamh, ach tha companaidhean ann a nì sgrùdadh air an fhiosrachadh le feadhainn de na rudan air ainmeachadh gu h-àrd. Thuirt neach-labhairt bho Inbhean Malairt aig Comhairle nan Eilean Siar, “Dh’ fhaodadh gum biodh càr nach eil ùr agus nach eil ullaichte airson an rathaid a bhith na chunnart mòr dhan an draibhear agus do dhaoine eile a bhios a’ cleachdadh nan rathaidean. Tha e cudromach gum bi luchd-malairt chàraichean nach eil ùr, onarach le luchd-ceannach mu dheidhinn staid chàraichean. Mar sin ’s urrainn dha daoine a thighinn gu co-dhùnadh fiosraichte mun taghadh an càr a cheannach no fhàgail.” Ma tha duilgheadas agad le càr nach eil ùr, tha taic ri fhaighinn bho Bhiùro Comhairleachadh a’ Phobaill air 08454 04 05 06 no thig gu adviceguide.org.uk. Cuideachd, cuiribh fòn gu Inbhean Malairt air 822 694. National Consumer Week – Buying a Used car Trading Standards at Comhairle nan Eilean Siar are steering people in the Western Isles in the right direction, this November, when it comes to buying a used car. The drive is part of a month-long campaign, launching on 4 November, at the start of National Consumer Week. The campaign is urging people buying a used car to ‘check it don’t regret it’ by assessing whether it is safe, legal and what it seems. Trading Standards have free leaflets and car air fresheners available at the 4 main council offices (while stocks last). Buying a used car? Check it don’t regret it! • Check MOT certificate – indicates if car is roadworthy • Check service history – shows if car has been maintained • Check V5 registration document – shows if car is stolen • Check finance history – ensures car doesn’t have an outstanding hire purchase agreement • Test drive and walk around check – for signs the car isn’t what it seems • Get engineer’s check – shows condition of car and any hidden dangers • Check price value guide – indicates reasonable price to pay • Check car is not recalled – shows if car was recalled for safety reasons by manufacturer You can do many of these checks yourself, or there are companies that offer data checks which include several of the checks listed above. A spokesperson from Trading Standards at Comhairle nan Eilean Siar said, “A second-hand car that is not up to scratch and is littered with faults can be a danger to the driver and other road users. “It’s important the used car industry puts a brake on bad practices by dealers being up front with their customers about the condition of cars. That way people can make an informed choice as to whether it is the car for them.” If you have a problem with a second hand car, you can get help from the Citizens Advice consumer service on 08454 04 05 06 or visit adviceguide.org.uk. You can also call Trading Standards on 822 694.
Posted on: Tue, 05 Nov 2013 10:26:10 +0000

Trending Topics



Recently Viewed Topics




© 2015